’S e beathach blàth-fhuileach iteagach sgiathach a th' ann an eun. Bho chionn fhada ann am mean-fhàs nan eun, chaidh an casan-toisich nan sgiathan agus tha a' chuid as motha dhiubh comasach air itealachadh. Ach tha feadhainn mòra ann nach urrainn dhol air iteig, mar eisimpleir: sruth (ostraids) agus emu. Sìolaichidh iad le bhith cur uighean.
'S iomadh seòrsa a th' ann. Gheibhear eòin fala mar an iolaire, no eòin na doimhne mar am bura bhuachaill no am buthaid. Gheibhear eòin sgrìobaidh leithid an fheannag no am fitheach; eòin ceileiridh leithid an liath thruisg no an sgiath dhearg agus gheibhear eòin na tràghad, na trìleachain 's na feadagan.
Liosta nan eòin
- Amadan mòintich
- Annlag-mhara, Pàraig (Hydrobates pelagicus)
- Arspag
- Breacan-glas (Muscicapa striata)
- Brèid air tòin, Clamhan nan cearc (Circus cyaenus)
- Brù-dhearg
- Bugaire
- Bun a’ bhuachaille (Gavia immer)
- Buthaid no fachach (Fratercula arctica)
- Cailleach-oidhche
- Cailleach-oidhche-mhòr
- Calman
- Cam-ghlas (Tringa totanus)
- Cam-ghob
- Capall-coille
- Cathan, Giùran (Branta leucopsis)
- Ceann-fionn
- Cearc
- Cearra-ghob-mòr (Limosa lapponica)
- Coileach dubh
- Coileach Frangach
- Coileach Fraoich
- Coltraiche (Alca torda)
- Comhachag chluasach (Asio flammeus)
- Corra-bhàn
- Cràdh-ghèadh (Tadorna tadorna)
- Crann-lach (Anas crecca)
- Curracag (Vanellus vanellus)
- Cuthag
- Deoch bhuidhe (Tringa nebularia)
- Donnag (Prunella modularis)
- Dreathan donn (Troglodytes troglodytes)
- Eala (Cygnus cygnus)
- Eala-bhàn (Cygnus olor)
- Eala dhubh (Cygnus atratus)
- Eun dubh an sgadain (Uria aalge)
- Eun-Bealltainn (Numenius phaeopus)
- Faoileag
- Farspag (Larus marinus)
- Fasgadair (Stercorarius parasiticus)
- Fasgadair (Stercorarius skua)
- Feadag (Pluvialis apricaria)
- Feadag-ghlas (Pluvialis squatarola)
- Fitheach
- Fulmair, Eun-crom (Fulmarus glacialis)
- Geadh bhlàr (Anser albifrons flavirostris)
- Gèadh glas (Anser anser)
- Gealag an t-sneachda (Plectrophenax nivalis)
- Gealag-bhuachair (Miliaria calandra)
- Gealag-lìn (Carduelis cannabina)
- Gealag-lòin (Emberiza schoeniclus)
- Gealan an t-sneachda
- Gealan beinne (Carduelis flavirostris)
- Gearra-bhall
- Gearra-glas (Cepphus grylle)
- Gille-brìghde, Trilleachan (Haematopus ostralegus)
- Gille-feadaig (Calidris alpina)
- Glaisean
- Glas-lach (Anas penelope)
- Gobhar-adhair
- Gobha-uisge (Cinclus cinclus)
- Gobhlachan (Arenaria interpres)
- Gòbhlachan (Podiceps auritus)
- Gòbhlan-dubh
- Gòbhlan-gaoithe
- Gòbhlan-mara (Oceanodroma leucorhoa)
- Gòbhlan-monaidh
- Gràilleag, Trilleachan-glas (Calidris alba)
- Guga
- Iolair (Aquila chrysaetos)
- Iolaire iasgaich
- Iolair-mhara (Haliaeetus albicilla)
- Isean-dearg (Phalaropus lobatus)
- Lach a’ ghuib leathainn (Anas clypeata)
- Lach Lochlannach (Somateria mollissima)
- Lach sgumanach (Aythya fuligula)
- Lach stiùireach (Clangula hyemalis)
- Lach-ghlas (Anas strepera)
- Lach-stiùireach (Anas acuta)
- Learga-dhubh (Gavia arctica)
- Learga-mhòr (Gavia stellata)
- Liath thruisg
- Lon dubh
- Luatharan-gorm (Calidris maritima)
- Mèirneal (Falco columbarius)
- Muir-bhuachaill
- Naosg (Gallinago gallinago)
- Nathair-challtainn, Sleathag (Anguis fragilis)
- Pioghaid
- Ruideag (Rissa tridactyla)
- Seabhag (Falco peregrinus)
- Sgarbh (Phalacrocorax carbo)
- Sgarbh an sgùmain (Phalacrocorax phalacrocorax)
- Sgarbh-beag
- Sgrail no sgrab no fachach bàn (Puffinus puffinus)
- Sgiath dhearg
- Sìolta dhearg (Mergus serrator)
- Smeòrach (Turdus philomelos)
- Snagan-allt (Rallus Aquaticus)
- Snagan-daraich
- Steàrnag Artaiceach, Steàrnal (Sterna paradisaea)
- Steàrnag chumanta, Steàrnan (Sterna hirundo)
- Steàrnag-bheag (Sterna albifrons)
- Steàrnan
- Sùlair (Morus bassanus)
- Tarragan Artaiceach (Salvelinus alpinus)
- Traon bhreac (Porzana porzana)
- Traon (Crex crex)
- Trìlleachan-tràghad (Charadrius hiaticula)
- Tunnag
- Uiseag, Topag (Alauda arvensis)
Gabhaidh na h-eòin a roinn mar a leanas:
Iomraidhean
- ↑ 1.00 1.01 1.02 1.03 1.04 1.05 1.06 1.07 1.08 1.09 1.10 1.11 1.12 1.13 1.14 1.15 1.16 1.17 1.18 1.19 1.20 1.21 1.22 1.23 1.24 1.25 1.26 1.27 1.28 1.29 1.30 1.31 1.32 1.33 1.34 1.35 1.36 1.37 1.38 1.39 1.40 1.41 1.42 1.43 1.44 1.45 1.46 1.47 1.48 1.49 1.50 1.51 1.52 1.53 1.54 1.55 1.56 1.57 1.58 1.59 1.60 1.61 1.62 1.63 1.64 1.65 1.66 1.67 1.68 1.69 1.70 1.71 1.72 1.73 Roinn Coimhearsnachdan Buan, Comhairle nan Eilean Siar AR NÀDAR Frèam airson Obair Bith-iomadachd sna h-Eileanan Siar
Ceanglaichean a-mach