Göteborg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Suain | ||||
Ceàrn | Bohuslän | ||||
Sgìre | Västra Götalands län | ||||
Co-chomharran | 57° 42 00' Tuath 11° 58 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 32.58 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 526,054 (2012) | ||||
Dlùths | 16,146.53/km² | ||||
Àireamh fòn | (+ 46) 31 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile uabhasach mòr agus port cudromach air an àirde an iar-dheas na Suaine a tha ann an Göteborg (IPA: /ʝøtəˈbɔrj/, Beurla: Gothenburg, Liotuànais: Geteborgas, Laideann: Gothoburgum). Tha e suidhichte air caolas air a bheil Kattegat, a sgarras an t-Suain bho Danmhairg, aig beul na h-aibhne Göta, aig 10m os cionn ìre na mara, anns an roinn (Suainis: län) Västra Götaland, 396km air falbh bho Stockholm (prìomh-bhaile na dùthcha), 191km bho Helsingborg, 244km bho Mhalmö, 409km bho Uppsala agus 1,035km bho Bhoden. Chaidh Göteborg a stèidheachadh ann an 1621 leis an rìgh Gustavus Adolphus II, agus tha an t-ainm a' ciallachadh Dùn nan Gotach sa Ghàidhlig. Tha 526,054 duine a' fuireach ann, is 945,713 san sgìre air fad. 'S e a dàrna baile as motha na Suaine a tha ann cuideachd. Tha Alba agus na Tìrean Ìsle air buaidh mhòr a thoirt air Göteborg fad na linntean tro mheadhan a' mhalairt agus tha fiù 's sloinnidhean Albannach cumanta sa bhaile gus an latha an-diugh. 'S e an treas fear as aosta na dùthcha a th' ann Oilthigh Ghöteborg.
Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à gotn (Gàidhlig: gotach) agus borg (dùn) a tha an t-ainm. Bheireadh sin Dùn nan Gotach dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh agus Gothenburgh sa Bheurla Ghallta. 'S e co-dhàimh leis A' Bheurla Ghallda burgh a th' ann am borg.
Bho 1867 gu ruige 1929 b' e Elfrida Andrée a bh' ann cluicheadair-orgain na h-àrd-eaglaise, a' chiad thè a fhuair an dreuchdan seo a-riamh. Chaidh Oilthigh Ghöteborg a stèidheachadh an seo ann an 1891. Chaochail an sgrìobhadair Henning Mankell an seo ann an 2015.