Iași Yaş Jassenmarkt Jászvásár
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Iași | ||||
Co-chomharran | 47° 09 25' Tuath 27° 35 25' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 93.9 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 290,422 (2011) | ||||
Dlùths | 3,092.89/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 32 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Chişinău agus Piatra Neamț, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann an Iași (IPA: ˈˈjaʃʲ, seann ainm: Târgul Ieșilor, Turcais: Yaş, Gearmailtis: Jassenmarkt, Ungairis: Jászvásár). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Bahlui, aig 60m cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Iași. Tha 290,422 duine a' fuireach ann. 'S e an dàrna baile as motha na dùthcha 's ann.
'S ann à ainm treubh Sarmatae air an robh Iasyx 's a th'ann an t-ainm. B' iad seo a shabaid an aghaidh Mharcus Aurelius. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1408. Thug Tatari, feachdan Impireachd nan Otomanach, Cosacaich agus Arm na Pòlainne ionnsaigh air Iași ochd tursan eadar 1513 agus 1686. Bha e na phrìomh-bhaile Țara Moldovei bho 1564 gu ruige 1859, an uair sin Principatele Unite gu ruige 1862 agus, aig àm A' Chogaidh Mhòir, prìomh-bhaile Romàinia eadar 1916 agus 1918. Bha cultair Iùdhach uabhasach fhèin làidir ann an Iași ron chogadh. Ann an 1900 b' e Iùdhaich a bh' ann suas gu 51% muinntir a' bhaile. Rinneadh pogrom orra air 29 an t-Ògmhios 1941, agus an uair sin rinn an Uile-losgadh an còrr. Thug plèanaichean-cogaidh an Aonaidh Sobhiataich ionnsaigh air a' bhaile air 26 an t-Ògmhios agus 28 an t-Ògmhios 1941. Thuit Iași gu feachdan an Aonaidh Sobhiataich air 29 an Lùnasdal 1944, aig deireadh An Dàrna Cogaidh.