Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh | |
---|---|
Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh | |
Stèidhichte | 1907 |
Suidheachadh | Ceredigion |
Làrach-lìn | https://www.library.wales/, https://www.llyfrgell.cymru/ |
Tha Leabharlann Nàiseanta na Cuimrigh (Cuimris: Llyfrgell Genedlaethol Cymru; IPA: ˈɬəvrgeɬ geneˈdlaɪθol kəmˈrɪ) suidhichte ann an Aberystwyth. Chaidh a stèidheachadh ann an 1907. Tha an leabharlann a' gabhail a-steach nas motha na 4 millean leabhar agus tha 30.000 làmh-sgrìobhainn ann a tha gu math tearc is prìseil.
Am measg nan leabhraichean cliùiteach tha a' chiad leabhar ann a bha sgrìobhte ann an Cuimris, nochd e ann an 1546. Tha a' chiad eadar-theangachadh dhen bhìoball às a' bhliadhna 1588 ri fhaicinn cuideachd. Chithear làmh-sgrìobhainn mar Llyfr Du Caerfyrddin (Beurla:The Black Book of Camarthen), am fear as sine (timcheall air 1250) sgrìobhte gu tùr ann an Cuimris agus The Book of Taliesin (Cuimris: Llyfr Taliesin) le bàrdachd às an 14mh linn.