Pitești
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Romàinia | ||||
Ceàrn | Argeș | ||||
Co-chomharran | 44° 51 24' Tuath 24° 52 39' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 40.73 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 155,383 (2011) | ||||
Dlùths | 3,814.95/km² | ||||
Àireamh fòn | +40 02 48 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Craiova agus Târgoviște, ann an ceann a deas Romàinia a th' ann am Pitești (IPA: piˈteʃtʲ, Gearmailtis: Pitesk). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Argeș, aig 300m os cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Argeș fhèin. Tha 155,383 duine a' fuireach ann.
Tha a h-uile coltas ann gur ann às na h-ainmean pearsanta Pit air neo Pitul agus an iar-leasachan -ești s' a tha ainm a' bhaile. A dh'aindeoin sin, tha cuid a dhaoine eile dhen bheachd gur ann à pită (Gàidhlig: aran) 's a tha e. Bhuinneadh an t-àite dhan roinn Ròmanach Moesia inferior. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais air 20 an Cèitean 1386. eadar 1600 agus 1601 bha feachdan Co-fhlaitheas na Pòlainn - Liotuàinia air an gearastanachadh ann am Pitești. Thog Constantin Șerban eaglais a' bhaile an an 1656. Anns An Dùbhlachd 1943 chaidh Daoine Rroma a' bhaile a fhuadachadh gu campaichean-losgaidh ann an Transnistria, mar phàirt an Uile-losgaidh. Thug plèanaichean cogaidh Aimearganach ionnsaigh air a' bhaile air 4 an t-Iuchar 1944: rinneadh droch sgrios agus milleadh air.