B' e Pàpa Eadailteach a bha ann am Pàpa Pòl III (Laideann: Paulus P.P. III, Canino, 1468–Cathair na Bhatacain, 10 an t-Samhain 1549). B' e Alessandro Farnese an t-ainm a bh' aige o thùs agus bha fear eile à teaghlach a mhàthar na Phàp Ròimhe cuideachd (Pàpa Bonifatius VII). Chaidh a thaghadh air an 13 an Dàmhair 1534 mar phàpa an dèidh bàs Chlemens VII. 'S e an 220mh fear a bh'ann. Bha leannan aige nuair a bha e òg, air an robh Silvia Ruffini, agus rug i ceathrar duine-cloinne dha: nighean air an robh Costanza agus triùir ghillean: Pier Luigi (Diùc Pharma), Paolo agus Ranuccio, a bha na shagart. Ann an 1537 thoirmisg e gu foirmeil tràilleachd dhan a h-uile nàisean aithnichte neo am biodh aithnichte san àm ri teachd (Veritas ipsa). Chuir e air dòigh Comhairle Treinte, a ruith eadar 1545 agus 1563, mar fhreagairt dhan Ath-Leasachadh agus do Mhàrtainn Lùtair.