Rìoghachd Napoli

Rìoghachd Napoli
Regnum Neapolitanum
Regno di Napoli
12821816
Bratach na dùthcha Gearradh-arm
Mapa
Fiosrachadh
Bliadhna Tòiseachaidh 1282
Bliadhna mu Dheireadh 1816
Prìomh-Bhaile Napoli
Càna(i)n Oifigeil Eadailtis

B' e dùthaich ann an ceann a deas na Eadailt a bh' ann an Rìoghachd Napoli (Laideann: Regnum Neapolitanum, Eadailtis: Regno di Napoli) a mhair bho 1282 gu 1816. B' e Napoli fhèin a bh' ann prìomh-bhaile na dùthcha. Chaidh Rìoghachd Napoli a stèidheachadh nuair a sgaradh sgìrean a bhuineadh dhan Rìoghachd Sicilia air an Leth-eilean Eadailteach fhèin bhon chòrr dhen dùthaich. B' e Regnum Siciliae citra Pharum an t-ainm fada oifigeil aice. Ann an 1442 cheannsaich Alfonso V às an Rìoghachd Aragó, Rìoghachd Napoli, a bha air a bhith fo bhuaidh nan Angevin bho 1266. Eadar an 15mh Linn agus an 19mh Linn, bhuineadh Rìoghachd Napoli gu Aragó, dhan Fhraing dhan Spàinn agus dhan Ostair, agus mu dheireadh thall bha i na dùthaich neo-eisimeileach eadar 1734 agus 1860, nuair a chaidh a toirt a-steach dhan Eadailt aonaichte.

Bailtean

Iomraidhean

  1. Almanach de Gotha
  2. Leonardo
  3. Guida GeneraleTeamplaid:Fix/category[dead link]
  4. Lebrel Blanco
  5. Napoléon