Tha Uicipeid /ˈuçkʲɪpetʲ/ 'na làrach mòr-eòlais ioma-chànanach a tha an asgaidh. Chaidh a thòiseachadh le Jimmy Wales anns a' bhliadhna 2001. Ann an uicipeidean bidh iomadh neach ag obair ri chèile airson leabhar mòr-eòlais a sgrìobhadh ann an iomadh cànan. Tha a h-uile duilleag saor ri cleachdadh. Tha Uicipeidean ann an 295 cànanan a-nis. Tha Uicipeidean Bheurla, Cebuano, Shuainis, Ghearmailtis, Dhuitsis, is Fhraingis nan Uicipeidean as motha (air rian àireamh dhuilleagan.) Tha Uicipeidean Bheurla, Ruisis, Sheapanais, Spàinntis, is Fhraingis nan Uicipeidean leis a tha àireamh tadhalt as motha.
Ann an Dùbhlachd 2016, bha na h-uicipeidean ann an còigeamh ràgh na h-uile làrach lìn de àireamh tadhalt air feadh an t-saoghal.
Thòisich Uicipeid na Gàidhlig anns an t-Sultain, 2003.