Günzburg
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | A' Ghearmailt | ||||
Ceàrn | Landkreis Günzburg | ||||
Sgìre | A' Bhaidhearn | ||||
Co-chomharran | 48° 27 16' Tuath 10° 16 53' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 55.41 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 20,958 (2020) | ||||
Dlùths | 378.23/km² | ||||
Àireamh fòn | +49 08221 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile meadhannach eadar Lauingen agus Ulm, ann an ceann a deas na Gearmailt a th' ann an Günzburg (Spàinntis: Gunzburgo). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Danube, aig 465m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Günzburg fhèin, san stàit (Gearmailtis: Land) A' Bhaidhearn. Tha 20,958 duine a' fuireach ann.
'S ann à Gontia, ban-dia Cheilteach, s' a tha ainm a' bhaile. B' e an treubh Ghearmailteach Alemanni a ghabh os làimh na sgìre san 6mh Linn. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1065 mar Gunceburch. Aig deireadh na 15mh Linn chuireadh a' choimhearsnachd Iùdhach às Ulm agus ghluais a' mhòr-chuid dhuibh gu Günzburg. Bha mu 5,000 croitear casgairte ann an 1525 faisg air Günzburg aig àm Cogadh nan Croitear Gearmailteach (Gearmailtis: Deutscher Bauernkrieg). Thug Chogadh nan 30 Bliadhna buaidh uabhasach làidir air Günzburg, ach chaill a' mhòr-chuid am beatha. Thug feachdan na Frainge ionnsaigh air Arm na h-Ostaire an seo air 9 an Dàmhair 1805: ghèill mu 1,000 saighdear Ostaireach. Mar phàirt Còrdadh an Sìthe Phressburg, ghabh Rìoghachd Bayern os làimh a' bhaile ann an 1806. B' ann anns an sgìre seo 's a leasaicheadh am Messerschmitt Me 262, eadar 1941 agus 1942. Thug plèanaichean cogaidh ionnsaigh air a' bhaile sa Ghiblean 1945: rinneadh droch sgrios agus milleadh air an t-stèisean rèile agus an caisteal.