Tha 'n t-aiste seo timcheall an seòrsa de caractar. Air brìghean eile, seallaibh Gaisgeach (soilleireachadh).
Ann an ur-sgeulan, 's e gaisgeach a th'ann fear no bean (an tè mu dheireadh air chantainn ri ban-ghaisgeach gu tric), gu dualchasach an laoch de sgeul, seann-sgeul no sàga, a bheil comasan no càileachd nas motha na neach cumanta aig, a nì e/i comasach a ghnìomhadh euchdeigin fìor-iongantach, luachmhor ("euchd gaisgeil") a fàsaidh e/i iomraiteach air. Chan eil na comasan seo air uairibh a' chuirp a-mhàin ach cuideachd na h-inntinn. Tha gaisgich air chur an aghaidh gu coltach le slaoightearan.
Ro-shealladh
Fàsaidh neach gaisgeach gu gnàthach le gnìomhadh euchd fìor-iongantach agus ionmholta. Tha euchdan dualchasach marbhadh uile-bhèistean is sàbhail luchd à bàs cinnteach. Crìochnaichidh gaisgeach mar as trice na sònrachaidhean de mar a th' air smaoineachadh math 'gus miadhail 'san dualchas àrsaideach. Ge-tà, 'san litreachas, gu h-àraidh 'san bròn-sgeul, faodainn gaoidean gàbhaidhe aig a' ghaisgeach a bhith a leanaidh do a mh(h)illeadh, mar Hamlet.
Air uairibh b'fhaodainn neach fìor inbhe gu leòr bhuinig a fhàs gaisgeach anns na h-inntinnean nan daoine. Tha seo mar as trice air mholadh le cinneas luath de ur-sgeulachdan timcheall an duin' ainmichte, a' cur às leth gu tric dha/dhi comasan thall na comasan de daoine bàsmhora gnàthach.
Cuiridh roinn nan luchd-aithris chomannach a-mach an dìth air gaisgich ann an àmannan de mì-thoileachas comannach no fèin-mì-chinnt nàiseanta, faicinn dìth air samhailean-dreuchd beusach, gu h-àraidh air na h-òganaich. B'fhaodainn dèanamh ur-sgeulachd den t-seòrsa nas fheàrr 'san àm a dh'aom: faodainn gluasadan làithreach gaisgich agus an adhradh-ghaisgich bhreisleachadh leis an dualchas na h-iomraiteachd a-mhàin.
Daoine 's caractaran aidichte gu dualchasach ri gaisgich
Nelson Mandela, fad an sgaradh, bha e air chumail ann am prìosan na h-Afraga-a-deas ri trì bliadhn' air fhichead. Stiùir e 'n blàr a chrìochnachadh 'n sgaradh.
Tòmas Andrews, an dealbhaiche na Titanic; chaith e na h-uairean deireannach a bheatha 'cuideachadh daoine dhan bàtaichean-teasairginn agus chaidh fodha le a long.
Vasil Levski, an gaisgeach nàiseanta na Bulgàiria, stèidheadair de lìon nan luchd-bun-os-ceann