'S e eachdraiche, eadar-theangair, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Guðni Thorlacius Jóhannesson (ˈkʏðnɪ ˈtʰɔrlaˌsiːjʏs ˈjouːhanːɛsˌsɔn). Rugadh e air 26 an t-Ògmhios 1968 ann an Reykjavík ach thogadh e ann an Garðabær. Fhuair Jóhannesson a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík agus an uair sin thug e ceum ann an Saidheans Poileataigeach bho Oilthigh Warwick (1991) agus an uair sin rinn e MA ann an Eachdraidh bho Oilthigh Innis Tìle (1997). Fhuair e MSt bho Oilthigh Oxford agus dotaireachd bho Oilthigh na Banrighe Màiri Lunnainn (2003). Phòs e aig Elín Haraldsdóttir ann an 1995 agus fhuair iad nighean. Dhealaichte iad ann an 1996. Ann an 2004 phòs e a-rithist, an turas seo aig Eliza Reid. Tha ceathrar chloinne aca. Chuir Jóhannesson bliadhnaichean a' teagasg eachdraidh ann an iomadh oilthigh ann Innis Tìle agus thall thairis: Oilthigh Lunnainn, Oilthigh Reykjavík, Oilthigh Bifröst agus Oilthigh Innis Tìle, far an robh e na ollamh. A bharrachd air sin tha còig cànain aige cuideachd: Innis-Tìlis, Beurla, Danmhairgis, Nirribhis, Ruisis agus Gearmailtis. Eadar 2011 agus 2015 bha e na chathraiche Sögufélag (Gàidhlig: Comman Eachdraidh Innise Tìle). Chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe ann an 2016.
Chaidh a thaghadh dhan cheannas dìreach ann an 2016. Seo na torridhean a fhuair e:
Bliadhna | Bhòtaichean | % |
---|---|---|
2016 | 71,356 | 39.08% |
Cha deach Jóhannesson a thaghadh dhan cheannas ach ann an 2016 ach tha triùir prìomh-mhinistear, a riochdachadh trì pàrtaidhean th fodha san àm sin, mar a leanas:
Ro-theachdair: Ólafur Ragnar Grímsson (2016) |
Forseti Íslands |
Neach-ionlaid: Fhathast san dreuchd (2020) |