京都市 Kyōto
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seapan | ||||
Ceàrn | Kansai | ||||
Sgìre | Kyōto | ||||
Co-chomharran | 30° 00′ 41 Tuath 135° 46′ 05 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 827.90 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,473,746 (2011) | ||||
Dlùths | 1,780.1/km² | ||||
Àireamh fòn | (+81) 75 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.city.kioto.jp/ |
'S e baile mòr agus port ann an ceann a deas na Seapaine a th’ ann an Kyōto no Kyoto (Seapanais: 京都市,, IPA: kʲoːto). 'S ann às an Sìonais Jingdu/京都, neo Prìomh-bhaile, a tha an t-ainm. Tha e suidhichte aig 86m os cionn ìre na mara, anns an Sgìre (Seapanais: 地方/Chihō, eadar Loch Biwa agus an Abhainn Kamo, Kansai, anns an Roinn (Seapanais: 県/ken) Kyōto, air an Eilean Honshu. Tha e 372km air falbh bho Thokyo, prìomh-bhaile na dùthcha, 43km bho Osaka agus 64km bho Kobe. Tha 1,473,746 daoine a’ fuireach ann an Kyōto, an 8mh baile as motha na dùthcha. Bha am baile na phrìomh-bhaile na dùthcha gu ruige 1869. Chaidh oilthigh Kyōto a stèidheachadh san aon bhliadhna.