B' e cleasaiche à Nebraska sna Stàitean Aonaichte a bha ann am Marlon Brando, Jr. (Omaha, 3 an Giblean 1924–Los Angeles, 1 an t-Iuchar 2004). Bha e na sgoilear aig Acadamh Armach Shattuck ach chaidh a fhuadachadh airson smocadh agus eas-ùmhlachd. Lean e a pheathraichean, a bha nan cleasaichean, do dh'Eabhraig Nuadh is dh'ionnsaich e actaireachd aig an New School for Social Research. Dh'fhàs e ainmeil nuair a mhol an stiùiriche Elia Kazan e mar Stanley Kowalski ann an taisbeantas A Streetcar named Desire le Tennessee Williams ann an 1947. Nochd e anns a chiad fhilm The Men (1950) agus a dh'ullaich e ann an ospadal seann-ghaisgeach. Bhuannaich e a chiad Duais Oscar airson On the Waterfront (1954) agus a-rithist airson The Godfather (1972).