'S e baile mòr air àirde an ear-dheas na Frainge a th’ ann am Mulhouse (IPA: myluz, Gearmailtis: Mülhausen, Elsässisch: Milhüsa). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Taigh a’ Mhuillein bho dhà fhacal anns a’ Ghearmailtis: Haus (Taigh) agus Mühle (Muillean). Tha e suidhichte aig 242m os cionn ìre na mara, faisg air na crìochan leis an Eilbheis agus a' Ghearmailt, ri taobh na h-aibhnichean (Fraingis: Rivières) Doller agus Ill, a shruthas chun na Rhin fhèin, anns an roinn (Fraingis: Département) Haut-Rhin. Tha am baile 390km air falbh bho Pharis (Prìomh-bhaile na dùthcha), 687km bho Bhordeaux, 517km bho Mharseille agus 446km bho Lille. Tha 111,860 duine a’ fuireach anns a’ bhaile. Chaidh am baile a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 803 (Mulinhuson). 'S e an 34mh baile as motha san dùthaich a th’ ann am Mulhouse. Chaidh oilthigh a stèidheachadh anns a’ bhaile ann an 1975.
Daoine ainmeil
Àireamh-sluaigh
Bailtean Co-cheangailte
Iomraidhean
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ INSEETeamplaid:Fix/category[dead link]
- ↑ Bailtean na CruinneTeamplaid:Fix/category[dead link]
- ↑ Université de Haute Alsace
- ↑ Stadt Chemnitz
- ↑ גִּבְעָתַיִם
- ↑ City of Walsall
- ↑ 济宁
- ↑ Primaria Timisoara
- ↑ Stadt Kassel
- ↑ Comune di Bergamo
- ↑ Stad Antwerpen
Ceanglaichean a-mach