Warszawa
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | a' Phòlainn | ||||
Ceàrn | Masovia | ||||
Co-chomharran | 52° 15′ Tuath 21° 00′ Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 517.24 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 1,726,581 (2014) | ||||
Dlùths | 3,338.07/km² | ||||
Àireamh fòn | (+48) 022 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.um.warszawa.pl |
Tha Warszawa (IPA: /varˈʃava/, Beurla: Warsaw, Gearmailtis: Warschau, Liotuànais: Varšuva, Latbhais: Varšava, Fraingis: Varsovie) na phrìomh-bhaile den Phòlainn. Anns a' bhliadhna 2014 bha 1,726,581 duine a' fuireach ann. Tha Warszawa 155km air falbh bho Lublin, 118km bho Łódź, 252km bho Kraków agus 280km bho Gdańsk.
Chaidh an Còrdadh Càirdeis, Co-obrachaidh agus Cuideachaidh a-rèir a Chèile a chur air dòigh an seo air 14 an Cèitean 1955.
B' e Warszawa a' chiad bhaile a bhuail na Nàsach le bomaichean anns an Darna Cogadh. Thug iad ionnsaigh air a' bhaile air 1 an t-Sultain 1939. Fad mios, bha sèist air a' bhaile. Aig a' cheann thall air 1 an Damhair, choisich na Nasi a-staigh dhan bhaile. Thug na Nàsaich na rudan luachmhor on Chaisteal Rìoghail mar dealbhan agus mhill iad an Caisteal.
Le Warszawa fo smachd, thòisich na Nàsaich ag obair air 'an trioblaid Iudhach'. Chruthaich iad sgìrean dhen bhaile a bhiodh mar phrìosan mòr dha na h-Iudhaich, na ghetto. B' e a' ghetto Warszawa am fear as motha. Eadar 22 an t-Iuchar agus 3 an Damhair 1942, ghluaiseadh 300,000 daoine bhon ghetto gu campaichean bhàis, mar an tric na campaichean ann Majdanek agus Treblinka. Ann an 1943, bha ar-a-mach anns a' ghetto ach chuir na Nazi às e air 16 an Cèitean 1943.
Air 1 an Lùnastal 1944, thòisich ar-a-mach ann an Warszawa air fad an aghaidh Nàsachd. Mhair an ar-a-mach seo 63 làithean.