Bha Wolfgang Amadeus Mozart (27 am Faoilleach 1756 – 5 an Dùbhlachd 1791) ’na cho-ghleusaiche sa linn chlasaigeach, às an Ostair. Sgrìobh e barrachd air 600 pìosan obrach agus tha fèill mhòr air an obair aige fhathast. Bha e pòsta agus mhair dithis mhac dha beò. Chaochail e nuair a bha e 35 bliadhna a dh'aois agus tha miotas air a bhàs an-diugh. Tha an ceòl aig Mozart gu math ainmeil agus buadhmhor.
Rugadh Mozart ann an Getreidegasse 9, Salzburg, san Ostair a rèir ainm na dùthcha sa là an-diugh. B' e Leopold agus Anna Maria Perti Mozart a phàrantan. Bha piuthar na bu shine aige, Maria Anna (1751-1829), Nannerl a far-ainm. Bhaisteadh Mozart ann an Cathair-eaglais an Naoimh Rupert an là as dèidh a bhreith. B’ e Johannes Chrysostomus Wolfgangus Theophilus Mozart an t-ainm slàn a bh' air.
Bha athair à Augsburg. B' e Kapellmeister (maighstir-ciùil) ann an orcastra-cùirt a bh' ann airson Àrd-easbaig Salzburg. B' e co-ghleusaiche agus tidsear a bh' annsan cuideachd.
Thòisich a phiuthar air a’ phiàno ionnsachadh nuair a bha i 7, agus bha Mozart 3 bliadhna a dh'aois aig an àm. Choimhead Mozart air na leasanan. Thuirt a phiuthar:
Tha na pìosan sin ann an Nannerl Notenbuch (leabhar-nòta aig Nannerl).
Nuair a dh’aithnich a athair comas a mhic, sguir e fhèin air ceòl a sgrìobhadh. B’ e Leopold an aon tidsear a bh’ aig Mozart. Theagaisg e ceòl, cànain, agus cuspairean sgoilearach eile dhan chloinn.