Aëtius à Amida | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Amed, 502 (Gregorian) |
Dùthaich | Cùrdastan |
Bàs | Alecsandria, 575 (Gregorian) |
Foghlam | |
Cànain | Seann-Ghrèigis |
Dreuchd | |
Dreuchd | lighiche agus sgrìobhadair |
B' e lighiche agus sgrìobhadair Greugach cudromach dhan Impireachd Bheasantian a bh' ann an Aëtius à Amida (Greugais: Ἀέτιος Ἀμιδηνός, Laideann: Aëtius Amidenus, Diyarbakır, 5mh Linn/6mh Linn). Thathar dhen bheachd gur e Crìosdaidh a bh' ann o chionn 's gun do nochd dithis phears-eaglais anns an leabhraichean aige: Cyril à Alexandria (376 - 444) agus Theuderikhos (454 - 526). Fhuair e a chuid foghlaim ann an al-Iskandariyyah, san Èipheit agus shiubhail e gu Palastain agus Cìopras. Thug Galen agus Oribasius buaidh uabhasach fhèin mòr airsan. B' e Aëtius a chlàraich am facal acne (ἀκνή) airson a' chiad turais. A bharrachd air sin, sgrìobh e mu dheochan-eiridinn airson casg-breith agus casg-gin. Bha e cuideachd na lighiche pearsanta dhan Righ Justinian I.