B' e neach-ciùil, seinneadair agus sgrìobhadair às Na Stàitean Aonaichte a bh' ann an Glen Travis Campbell (Delight, 22 an Giblean 1936–8 an Lùnastal 2017). Tha "Gentle on My Mind" (1967), "Wichita Lineman" (1968), "Rhinestone Cowboy" (1975), agus "Southern Nights" (1977) am-measg a h-òrain ainmeile. Tha e air a mheas mar aon de na seinneadairean a b' fheàrr a-riamh a chuir òrain Country air chlàir. Thairis air còrr is 50 bliadhna, tha e air faisg air 70 clàr fhoillseachadh ’s iad sin air còrr is 45 muillean leth-bhreac a reic air feadh an t-saoghail. Ann an 2012, choisinn è duais Grammy, Lifetime Achievement. B' ann mu'n àm sin a thàinig an naidheachd a-mach gu bheil e nise fulang leis an tinneas inntinn Alzheimer’s.